Buidheann-obrach airson eaconomaidh Chinn Tìre

Coinneamh
Image caption Chaidh iomadh buidheann agus gnìomhachas a riochdachadh aig a' choinneimh.

Tha Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, ag iarraidh buidheann-obrach airson eaconomaidh Chinn Tìre.

Bheireadh am buidheann cothrom do riochdairean eadar-dhealaichte na sgìre tighinn còmhla airson coimhead air ath-bheothachadh na h-eaconomaidh ionadail.

Thuirt Mgr Ewing aig a' choinneimh ann an Ceann Loch Chille Chiarain Diluain, gum bu chòir a leithid de bhuidheann a stèidheachadh anns a' bhad.

Chualar beachdan air mar a thèid fuasgladh a lorg airson draghan eaconomach na sgìre.

Chaidh a' choinneamh a chur air dòigh agus draghan ann gun tèid còrr is 80 cosnadh a chall eadar factoraidh CS Wind ann an Mhachaire Shanais agus Taigh Bainne Cheann Loch Chille Chiarain.

Molaidhean

Am measg nam beachdan, bha leudachadh airson gnìomhachas an uisge-bheatha.

B'àbhaist do chòrr is 30 taighean-staile a bhith ann an Ceann Loch Chille Chiarain fhèin.

Chualar mar a tha leasaichean a dhìth air bun-structar na sgìre, agus gum feum iad ceanglaichean rathaid nas fheàrr.

Chaidh seirbheisean aiseig nas trice iarraidh cuideachd, agus thugadh iomradh air mar a bu chòir barrachd a dhèanamh gus luchd-turais a thàladh dhan sgìre.

Maoineachadh

Dhearbhadh san Damhair gum faigh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bòid £50m bho Aonta Dùthchail.

Tha seo coltach ri aonta baile a tha iomadach àite ann an Alba air fhaighinn thuige seo, Glaschu agus Obair Dheathain nam measg.

Tha dòchas a-nis ann gun tèid pàirt mòr den mhaoineachadh sin a chosg ann an Cinn Tìre.

"Tha plana aig a' Chomhairle airson an £50m mar-thà," thuirt an Comh. Dòmhnall Kelly.

"Ach tha mi a' smaointinn, ag aithneachadh an t-suidheachaidh ann an Cinn Tìre, 's dòcha gum bu chòir dhan Chomhairle coimhead às ùr air mar a thèid an sgìre seo gu sònraichte a chuideachadh."