Crith-thalmhainn am Muile
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, WF Millar/Geograph
Chaidh crìth-thalmhainn cho làidir ri 2.1 a chlàradh ann am Muile - coltach ri plèana a' sgèith gu h-ìosal, a rèir an fheadhainn a chuala i.
Chaidh a faireachdainn oidhche Haoine seo chaidh.
Bha dà chrìth-thalmhainn ann faisg air Baile a' Chaolais an t-seachdainn seo chaidh.
Tha an dà chuid Muile agus Baile a' Chaolais faisg air sgàineadh Cruinne a' Ghlinne Mhòir, far am bi na h-uimhir de chrithean-talmhainn gan clàradh aig diofar neartan a h-uile bliadhna.
B' ann an 1880 a bha an tè a bu motha dhiubh, faisg air Loch Obha, 's i air a clàradh aig 5.2 - an tè as làidire a chaidh a chlàradh an Alba riamh.