Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Diùc Iòrc

Tha cuideam air Diùc Iòrc fianais fo mhionnan a thoirt seachad anns na Stàitean Aonaichte co-cheangailte ri a chàirdeas ri Jeffrey Epstein nach maireann, a chaidh a dhìteadh airson drabastachd. Dh'innis feadhainn a tha faisg air an teaghlach Rìoghail dhan BhBC gu bheil am Prionnsa Anndra a' seasamh leis a' cho-dhùnadh agallamh telebhisein a dhèanamh mu a cheanglaichean ri Epstein. Tha am prionnsa a' faighinn a chàineadh airson nach do sheall e aithreachas no truas dhan fheadhainn a dh'fhulaing.

Aillse

Tha maill air leigheas aillse an Alba le dìth luchd-obrach agus dìth airgid, a rèir comataidh thar-phàrtaidh aig Holyrood. Tha an aithisg ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba dùsgadh on t-suidheachadh a th' ann. Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad a' cur £100m ri sraiteididh airson barrachd dhaoine a thoirt beò tro aillse, agus gu bheil luchd-obrach gu leòr aig Seirbheis na Slàinte.

Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid

Thuirt Rùnaire na Slàinte gur e adhbhar dragh dhi a th' anns an dòigh anns an do làimhsich NHS Ghlaschu egus Chluaidh sgainnealan aig Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid. Thuirt Jeane Freeman gum faodadh an Riaghaltas fhathast barrachd ghnothaich a ghabhail ri stiùireadh a' Bhùird Slàinte. Tha am Bòrd a' faighinn càineadh an dèidh dha tighinn am follais gu bheil na Poilis a' rannsachadh bàs ghille, 3 bliadhna de dh'aois, aig an ospadal ann an 2017, air an aon mhìos anns an do chaochail nighean a bha 10 bliadhna de dh'aois.

Eucoirean Cogaidh

Thuirt Cùirt Eadar-Nàiseanta nan Eucoirean Cogaidh gu bheil iad a' beachdachadh air cùis-lagha fhosgladh airson a' chiad uair mu chasaidean gun do rinn Arm Bhreatainn marbhadh mì-laghail. Fhuair prògram telebhisein a' BhBC, Panorama, agus an Sunday Times, fianais gun do chuir Ministreachd an Dìon am falach fiosrachadh mu mharbhadh shìobhaltach ann an Iorac agus Afganastan. Thuirt Ministearachd an Dìon gun do rinn iad làn-cho-obrachadh mar thà leis a' chùirt eadar-nàiseanta, agus nach eil adhbhar a dhol dad nas fhaide na sin.

Deasbad Telebhisein

Thuirt Ceannard an SNP aig Westminster, Ian Blackford, gu bheil a phàrtaidh deiseil airson pàirt a ghabhail ann an deasbad telebhisein an taghaidh an ath-oidhche ma 's e agus gun soirbhich tagradh anns an Àrd-Chùirt. Tha an SNP 's na Libearalaich Dheamocratach ag ràdh gum bu chòir na ceannardan acasan a bhith anns an deasbad aig ITV còmhla ri Boris Johnson agus Jeremy Corbyn.

Ceann Loch Chille Chiarain

Tha Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, ann an Ceann Loch Chille Chiarain an-diugh a' bruidhinn ri riochdairean coimhearsnachd agus ris na h-aonaidhean ciùird. Tha dragh ann gum faodadh an sgìre còrr air 80 cosnadh a chall eadar factaraidh mhuilnean-gaoithe Mhachaire Shànais agus Taigh-Bainne Cheann Loch Chille Chiarain.