Cathraiche ùr gan sireadh airson Bhòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' sireadh chathraiche ùir airson Bhòrd na Gàidhlig.

Tha Màiri Nic a' Aonghais air a bhith anns an dreuchd gu h-eadar-amail bho an-uiridh.

Tha an Riaghaltas cuideachd a' sireadh aona bhall eile dhan Bhòrd.

Chaidh a' Bh-Ph. Nic Aonghais ainmeachadh mar chathraiche a' Bhùird san Dùbhlachd seo chaidh.

Thòisich i san dreuchd toiseach na bliadhna, agus an cathraiche a bh' ann, Ailean Dòmhnallach, a' fàgail.

Tha an naidheachd a' tighinn agus triùir bhall air an dreuchdan fhàgail air diofar adhbharan.

Thuirt tè-labhairt bhon Riaghaltas gum bi e an urra ris a' chathraiche ùr co-dhiù tha iad airson barrachd bhall fhastadh.

Dh'innis i cuideachd gu bheil iad a' sireadh dhaoine a tha a' toirt taic dhan Ghàidhlig, agus aig a bheil lèirsinn air an dòigh as fhearr an cànan a neartachadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha tuarastal còrr 's £13,000 ann dhan chathraiche ùr, agus dàrna leth sin do dhaoine a th' airson a bhith nam buill.

Feumaidh an obair pàipeir a bhith aca ron 6mh Dùbhlachd.