Coinneamh èiginneach mu eaconomaidh Cheann Loch Chille Chiarain

Ceann Loch Chille Chiarain
Image caption Tha eagal gun caill còrr is 80 cosnadh ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an Cinn Tìre.

Coinnichidh Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, ri riochdairean na sgìre, agus nan aonaidhean-ciùird ann an Ceann Loch Chille Chiarain Diluain.

Tha dragh mòr ann mu eaconomaidh na sgìre, agus còrr air 80 cosnadh ann an cunnart a bhith air an call.

Tha a' chompanaidh CS Wind, aig a' bheil factaraidh chrann-gaoithe san sgìre an dùil 73 luchd-obrach a chur às an dreuchdan.

Tha a' chompanaidh ag ràdh ach eil òrdain gu leòr aca agus iad a' coireachadh cuideachd gearradh anns an taic do phròiseactan chumhachd ath-nuadhachail.

Dh'iarr an t-aonadh UNITE air Riaghaltas na h-Alba cobhair a dhèanamh air an fhactaraidh aig deireadh na Dàmhair.

A bharrachd air sin, tha coltas gun tèid 14 cosnaidhean eile a chall, às dèidh oidhirp neo-shoirbheachail bho thuathanaich na sgìre air Taigh-Bainne Cheann Loch Chille Chiarain a ghabhail thairis.