Plana Gàidhlig ùr Cheann a Tuath Leòdhais

Urras Oighreachd Ghabhsainn
Image caption Tha am plana ag amas air neartachadh suidheachadh a' chànain ann an Ceann a Tuath Leòdhais.

Chaidh plana Gàidhlig ùr airson Ceann a Tuath Eilean Leòdhais fhoillseachadh.

Chaidh am plana a chur ri chèile ann an com-pàirteachas eadar Comunn Eachdraidh Nis agus Urras Oighreachd Ghabhsainn.

Tha am plana ag amas air cuideachadh a thoirt do bhuidhnean anns a' choimhearsnachd agus am brosnachadh gu bhith a' cleachdadh na Gàidhlig.

Tha iad cuideachdadh ag aithneachadh gu bheil an cànan ann an suidheachadh cugallach anns an sgìre.

Amasan

Am measg amasan a' phlana, thathas a' moladh gun tèid:

  • measadh a dhèanamh air sgilean cànain aig clann-sgoile na sgìre ann an P7
  • a' Ghàidhlig a chleachdadh mar a' chànan bhunaiteach aig Comunn Eachdraidh Nis
  • cothroman còmhnaidh a thabhainn do dh'inbhich a tha airson an cànan ionnsachadh
  • proiseact a chur air dòigh gus daoine a chlàradh nan dachaighean fhèin a' bruidhinn air na cuimhneachaidhean aca

Cunntas-sluaigh

Sheall an cunntas-sluaigh mu dheireadh gur e Ceann a Tuath Leòdhais aon de sgìrean as làidire ann an Alba a thaobh luchd-labhairt na Gàidhlig.

Tha am plana ag ràdh gu bheil eagal aca nach ann mar sin a bhios cùisean mura tèid taic a thoirt dhan choimhearsnachd suidheachadh a' chànain a neartachadh.

"'S e ceum mòr a th' ann am plana seo fhoillseachadh aig àm a tha dùbhlanach ach le cothroman ùra dhuinn mar choimhearsnachd," thuirt Agnes Rennie, Cathraiche an Urrais.

Cliù is inbhe

Ged a tha cumhachd aig Bòrd na Gàidhlig iarraidh air cuid de bhuidhnean poblach ann an Alba planaichean Gàidhlig a chruthachadh, chaidh am plana seo a sgrìobhadh gu saor-thoileach.

"Tha e air leth cudromach gum bi sinn a' togail cliù agus inbhe na Gàidhlig anns an sgìre seo fhèin," thuirt Shona Nic a' Mhaoilein, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Urras Oighreachd Ghabhsainn.

"Tha sinn an dòchas gun gabh coimhearsnachdan eile an ceum seo cuideachd le bhith ag obair còmhla gus a' Ghàidhlig a dhìon agus a bhrosnachadh san àm ri teachd,"

Cothrom

"Tha e fìor mhath faicinn gun deach ùrachadh air a' Phlana Gàidhlig saor-thoileach airson Ceann a Tuath Leòdhais, gus na prìomhachasan anns a' Phlana Nàiseanta Cànain Gàidhlig 2018-23 a chur air adhart ann an sgìre a tha cho cudromach dhan chànan," thuirt Shona Niclllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig.

Tha na buidhnean a tha air culaibh a' phlana airson is gun cuir iad molaidhean a' phlana an gnìomh cho luath 's a 's urrainn dhaibh.

"Tha sinn an dòchas ma gheibh sinn taic fhoirmeil bho Bòrd na Gàidhlig dìreach tòiseachdainn anns a' bhad," thuirt Agnes Rennie.

"Tha obair ri dhèanamh, tha an cothrom ann, agus 's e toiseachdainn air mar as luaithe a ghabhas 's e as fheàrr a bhios dhan chànan agus 's e as fheàrr a bhios dhuinne mar choimhearsnachd", thuirt i.