Corp air a lorg ann an Alanais

  • Air fhoillseachadh
Calum MacCoinnichTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,
Chunnacas Calum MacCoinnich, 41, mu dheireadh Diardaoin 7mh Samhna.

Dh'innis Poileas Alba gun deach corp fhaighinn ann an abhainn ann an Alanais air taobh sear Rois.

Fhuaireadh lorg air a' chorp ann an Abhainn Abharain fhad 's a bhathar a' sireadh fireannaich a bha a dhìth san sgìre.

Chunnacas Calum MacCoinnich, 41, mu dheireadh Diardaoin 7mh Samhna.

Cha deach fhaicinn a-rithist às dèidh dha bùth ann an Alanais fhàgail.

Thuirt na Poilis gun deach fios a chur air teaghlach Mhgr MhicCoinnich.

Thèid rannsachadh bàis a dhèanamh.

Thug na Poilis taing dhan phoball airson an cuideachadh san iomairt.