Rionnagan beaga is Ceistean mòra

Cupa na Camanachd

Tha còrr math is 100 mìle eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Taigh na Bruaich, ach tha dàimh shònraichte eadar an dà choimhearsnachd a dh'aindeoin sin.

'S e iomain a th' aig cridhe na dàimhe. 'S iomadh turas thar iomadh ginealach a chaidh Baile Ùr an t-Slèibh is Caol Bhòid an sàs ann an càch a chèile.

Blàran cumhachdach, iomain air leth, is càirdeasan prìseil.

Thog fear de churaidhean a' Bhaile Ùir, Iain MacCoinnich, air a' cheangal eadar na clubaichean is e a' sgrìobhadh ann an leabhar a bha a' comharrachadh 100 bliadhna de Chaol Bhòid.

"Nuair a bha mi san sgoil, cha creid mi gun d' fhuair mi cothrom cluich an aghaidh mo cho-aoisean à Caol Bhòid," sgrìobh Iain air ais ann an 1996.

Cliù

"Tha cuimhne agam gun deach innse dhomh tric is minig, gus am bithinn air sin a dhèanamh, nach robh mi air cluich an aghaidh an fheadhann a b' fheàrr a bh' ann.

"Bho aois gu math òg, bha mi a' miannachadh cluich an aghaidh Chaoil Bhòid," sgrìobh e.

Faodar a bhith cinnteach gun robh òigridh Thaigh na Bruaich a' faireachdainn an aon dòigh.

Dh'fhàsadh iad fhèin is Iain MacCoinnich gu math eòlach air a' chèile, gu h-àraidh ann an sreath de chuairtean deireannach air leth eadar na sgiobaidhean anns na 1970an.

Image caption Chluich Caol Bhòid is Bail' Ùr an t-Slèibh an aghaidh a chèile sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ochd tursan eadar 1970 is 1980. Taing do dh'Uisdean MacIllinneinn agus tasglan Dhòmhnaill MhicAoidh son an deilbh.

"Carson nach roinn sinn na puingean, geama gun seagh a th' ann!"

Beachd eile bhon Bhaile Ùr - bho fhear a tha air Cupa na Camanachd a bhuannachadh grunn thursan anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh - mu gheama an aghaidh Chaoil Bhòid.

Bha an cluicheadair seo air fàs searbh le seusan 2019, seusan a bha air an t-Samhain a ruighinn is geamaichean fhathast rin cluich.

Bha na duaisean mòra air an rèiteach mar-thà, is cha robh e ag iarraidh a dhol a Thaigh na Bruaich.

Tuigidh tu sin, 's dòcha, oir 's e uallach a th' ann an seusan cho fada air cluicheadairean amaitearach.

Roinn

Agus bha e follaiseach bhon taic a fhuair e nuair a sgrìobh e an teachdaireachd air na meadhanan sòisealta oifigeil aig Comann na Camanachd gun robh gu leòr eile, bho Bhaile Ùr an t-Slèibh is Taigh na Bruaich is àiteachan eile, ag aontachadh ris.

Nuair a chuir cuideigin an aghaidh a' bheachd, chaidh fear eile le grunn bhonn Chupa na Camanachd na phocaid na b' fhaide.

"Nach eil dad eile agad ri dhèanamh Disathairne?"

Fhuair iad an toil air a' chean thall. Cha tèid an geama a chluich is na puingean air an roinn eadar an dà sgioba.

Chan e, gu mì-fhortanach, rud ùr a th' ann an geamaichean iomain nach deach a chluich.

Gu dearbh, tha piseach air tighinn air cùisean aig na h-ìrean as ìsle bho chuir Camanachd Leòdhais air adhart gluasad a chuir peanas nas motha air clubaichean a bha a' tarraing a-mach à geamaichean.

Image caption Cuairt dheireannach 1978. Taing do dh'Uisdean MacIllinneinn agus tasglan Dhòmhnaill MhicAoidh son an deilbh.

Ach tha rionnagan beaga * agus na faclan "points adjustment" fhathast a' nochdadh ann an clàran nan lìogaichean.

Tha diofar adhbharan ann airson sin.

Rudan bunaiteach mar cho fada 's a bhios seusan na h-iomain a' maireachdainn is clàr gheamaichean nach eil an an-còmhnaidh coileanta.

Farpais bho chlubaichean is spòrsan eile. Cur-seachadan na h-òigridh ag atharrachadh.

Is tha rudan eile ann a tha a' dol nas doimhne na sin air fad, leithid dìth thaighean is chothroman ann an sgìrean dùthchail.

Tha ceistean gu leòr an sin 'son Comann na Camanachd, agus 'son buidhnean is ùghdarrasan aig ìre nas àirde.

Ach nuair a tha grunn gheamaichean aig ìre na Prìomh Lìge air an cur dheth is puingean air an roinn, is cuid de phrìomh chluicheadairean na spòrs ag ràdh nach eil adhbhar an cluich, nach bu chòir ceistean a nochdadh?

Deasbad

Tha rionnag bheag * agus "points adjustment" a-nise ri taobh an dàrna leth de sgiobaidhean sa Phrìomh Lìog.

Bu chòir moladh a dhèanamh an seo air Camanachd an Òbain, a rinn gach oidhirp an geama mu dheireadh acasan an aghaidh Loch Abair a chluich gus an urrainn dhaibh crìochnachadh cho àrd 's a ghabhas.

Chuireadh gaisgeach Cheann a' Ghiuthsaich bho na 1980an, Dallas Young, fàilte air sin.

A' sgrìobhadh air na meadhanan sòisealta anns na làithean mu dheireadh, thuirt e gur e tàmailt mhòr a th' ann nach tèid na geamaichean air fad a chluich.

"'S ann mu dheidhinn cluich a tha spòrs. Feumaidh iomain coimhead ri seo," thuirt Dallas còir.

Feumaidh, oir tha cunnartan an lùib geamaichean a bhith air an cur dheth is an fheallsanachd nach fhiach an cluich.

Oir mura h-eil na cluicheadairean as fheàrr a th' ann airson geamaichean a choileanadh - seusan fada is geamhradh ann no às - am bi feadhainn eile a' ceasnachadh a bheil iadsan airson cluich, airson coidseadh, no cuideachadh, no coimhead?

"Nach eil dad eile agad ri dhèanamh Disathairne?"