"Faochadh" 'son ICT

Mark Ridgers Image copyright SNS
Image caption B' e Mark Ridgers an gaisgeach aig ICT Disathairne.

Thuirt coidse Chaley Thistle, Barry Wilson, gur e faochadh a th' ann gu bheil iad fhathast ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba.

Chrìochnaich ICT co-ionnan 0-0 le Cluaidh air an deireadh-sheachdain, is iad a' dol air adhart 4-2 air breaban-peanais air a' cheann thall.

Chuir Inbhir Nis na peanasan aca air fad, is Mark Ridgers a' stad oidhirpean bho Tony Wallace is Chris McStay.

Tha tinneas air buaidh a thoirt air Caley Thistle anns na làithean a dh'fhalbh is cha robh Iain Robasdan no an leas-mhanaidsear, Scott Kellacher, an làthair aig a' gheama is iad bochd.

Dh'aidich Wilson gun robh feasgar doirbh aige aig an stiùir.

"Faochadh a bh' ann aig a' cheann thall.

Misneachd

"Shaoil mi gun robh sinn math sa chiad leth. San dàrna leth bha coltas nearbhach oirrn.

"Bha seachdain dhoirbh againn aig a' chluba. 'S e an targaid a bh' ann an geama a bhuannachadh is rinn sinn sin, ged nach do rinn sinn e dìreach mar a bha sinn a' miannachadh", thuirt e.

Thuirt Wilson gu bheil coltas ann nach eil an sgioba a' cluich le misneachd an-dràsta, is gur e rud a tha sin a dh'fheumas iad atharrachadh.

'S iad Partick Thistle, Raith Rovers, is Rangers Colts na sgiobaidhean eile a tha troimhe dhan iar-chuairt-dheireannaich de Chupa Dùbhlan na h-Alba.

Bidh an taghadh ann Diciadain.

Bidh na geamaichean ann air an 15mh/16mh den Ghearran, is a' chuairt dheireannach air an 28mh no 29mh den Mhàrt.