Teine monaidh air call a dhèanamh

An teine Image copyright Paul Turner

Dh'fhàg teine monaidh ann an Cataibh agus Gallaibh sa Chèitean am-bliadhna gun robh Alba a' sgaoileadh a dhà uimhir agus is àbhaist de ghasaichean carbon fhad 's a bha e a' losgadh.

Sgap an teine sa Chèitean air a' mhòintich ris an canar am Flow Country, àite a tha na stòras nàdarra de charbon.

Bha an teine a' losgadh fad sia là.

Thug e buaidh air 22,000 mìle cheàrnagach agus sgaoil e mu 700,000 tonna de CO2.

Image copyright Paul Turner

Bha sin a' ciallachadh gun do dhùblaich an teine truailleadh gasaichean carbon na h-Alba airson na sia là a bha e a' losgadh.

Thuirt a' bhuidheann WWF gu bheil seo a' sealltainn cho cudromach 's a tha e gun tèid mòintichean a dhìon.

Thuirt iad gu bheil na figearan a' sealltainn nan cunnartan a th' ann dhan àrainneachd le teintean monaidh.

Chaidh pròiseact a chur air dòigh mar-thà mun bhuaidh a thug an teine air eag-eòlas sa Flow Country.