Nicola Sturgeon a' tarraing à Jeremy Corbyn mu sheasamh air indyref2

Tha Nicola Sturgeon air a bhith a' fàigheadaireachd gum bi Jeremy Corbyn a dh'aithghearr a' cur taic ri iarrtas nan Nàiseatachd airson bhòt mu neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 2020.

Bha ceannard an SNP a' freagairt mì-chinnt a bharrachd mu sheasamh Mhgr Corbyn air an dàrna referendum air a' chùis.

Diardaoin, thuirt Ceannard nan Làbarach nach tachradh indyref2 sa chiad dà bhliadhna den phàrlamaid nam faigheadh am pàrtaidh aigesan cumhachd.

Image copyright PA Media
Image caption Jeremy Corbyn ag iomairt ann an Glaschu Diciadain

Diciadain ge-tà, thuirt e ri neach-naidheachd nach tachradh referendum sa chiad teirm còig bliadhna.

Beagan uairean a thìde às dèidh sin, rinn e soilleir nach deidheadh referendum a chumail ann an 'tràth-bhliadhnaichean riaghaltas Làbarach'.

Tha Mgr Corbyn, agus na Làbaraich an Alba air a ràdh gum bi iad ag iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd ma bhios bhòt eile ann air a' chùis.

Chuir Ms Sturgeon a-mach tweet ag ràdh: 'An-dè b'e 'chan ann sa chiad teirm', an-diugh 'chan ann sa chiad dà bhliadhna'. Ro dheireadh na seachdain, aig an astar seo, bidh Corbyn a'dèanamh tagraidh airson #indyref2020."