Fireannach ann am Bràgar air bàsachadh

Bràgar Image copyright OLIVER DIXON/GEOGRAPH

Dhearbh na Poilis gu bheil fireannach a thuit far mullach thogalaich ann am Bràgar air taobh siar Leòdhais Diciadain, air bàsachadh.

Thugadh an duine, a bha 58, agus a bha ag obair air a' mhullach, chun an ospadail ann an Steòrnabhagh, far an do bhàsaich e Diardaoin.

Tha rannsachadh a' leantainn feuch dè dìreach a thachair, 's chaidh fios a chur air Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd.

Thèid aithisg a thoirt do Neach-casaid a' Chrùin.