Damh air bàsachadh air sgàth 's tèip phlastaig
- Air fhoillseachadh
Dh'fheumadh cuir às de dhamh a chaidh a lorg is e air a chuibhreachadh ann an tèip phlastaig air eilean Dhiùra.
Lorg geamair, Scott Muir, am fiadh air cladach air an eilean Diciadain.
Shaoil Mgr Muir an toiseach gu robh e marbh ach ghluais am beathach a cheann nuair a chaidh e dha ionnsaigh.
Bha an tèip air beul a' bheathaich a dhùnadh agus bha lighichean-sprèidh den bheachd nach robh e air greim bidhe ithe ann an seachdain.
Bha e sgìth agus troimh-chèile agus tha beachd ann gur dòcha gun deach am pasgan mòr de thèip phlastaig an sàs anns na cabair aige nuair a bha e ag ithe feamad air a' chladach.
Bha an tèip air a dhol tarsainn a shùilean agus mun bheul aige, a' fàgail nach deidheadh aige air ithe.
Truailleadh
Bidh Mgr Muir cuideachd ag obair gu saor-thoileach do bhuidheann ionadail - an Wild Side of Jura - a tha a' dìon an taobh siar dhen eilean.
Tha e ag ràdh gu bheil truailleadh plastaig air fàs nas miosa o 2013.
Chuir na thachair uabhas air mòran daoine an dèidh dhaibh dealbh dhen damh fhaicinn air-loidhne.