Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bann-leathann

Thuit luach earrannan BT còrr is 2% às dèidh dhan Phàrtaidh Làbarach innse gum faigh a h-uile dachaigh agus gnìomhachas anns an Rìoghachd bann-leathann fibre saor an-asgaidh an taobh a-staigh deich bliadhna, sin ma bhuannaicheas iad an Taghadh Coitcheann air an ath-mhìos. Fon phlana dheadh pàirt de BhT a thoirt fo shealbh na Stàite, leis an sgeama ga maoineachadh le cìs air companaidhean teicneòlais mar Amazon agus Google. Chuir Talk Talk dàil air a bhith a' creic a' ghnìomhachais bhann-leathainn acasan às dèidh dha na Làbaraich am planaichean fhoillseachadh. Thuirt àrd-oifigear na companaidh gun robh na còmhraidhean mu bhith a' creic Fibre Nation air ìre glè adhartach a ruigheachd, ach gun robh iad a-niste air stad a chur orra is iad a' beachdachadh às ùr air dè bu chòir dhaibh a dhèanamh.

An Taghadh

Chaidh Boris Johnson as àicheadh chasaidean Nigel Farage gun deach urraman no obraichean a thabhainn do thagraicheann a' Phàrtaidh Bhrexit nan diùltadh iad seasamh ann an seataichean a tha nan targaidean dha na Tòraidhean. Ach dh'aidich am Prìomhaire gun robh e cinnteach gun robh luchd-poileataigs bho gach pàrtaidh air a bhith a' còmhradh ri chèile. Ann an Alba an-diugh cuiridh an SNP cuideam air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airgead VAT a phàigheadh air ais gu seirbheisean poilis agus smàlaidh na h-Alba, cìs nach robh air seirbheis-èiginn sam bith eile ann am Breatainn. Tha dùil gun toir am Pàrtaidh Tòraidheach prìomhachas do phoileasaidhean a chuidicheas luchd-àiteachais agus bidh na Lib-Deamich a' dèanamh oidhirp seataichean a bhuannachd air ais ann an roinnean far am b' àbhaist dhaibh a bhith làidir.

Oileanaich

Tha Oilthigh Dhùn Èideann air còrr is fichead oileanach a ghairm air ais à Hong Kong às dèidh mhìosan de chomhstrì anns an sgìre sin. Thuirt an Oilthigh gu bheil iad a' toirt comhairle agus cùl-taic dha na h-oileanaich ach an tèid aca a thilleadh dhachaigh cho luath 's a ghabhas.

BT Sports

Agus thuirt BT Sports gun do ghlèidh iad na còraichean airson a bhith a' sealltainn gheamaichean a' Champions League. Chosg an cùmhnant trì bliadhna, a thòisicheas ann an 2021, £1.2bn. Bidh e cuideachd a' gabhail a-steach gheamaichean ann an Lìog Europa agus ann am farpais eile a tha ga dealbhachadh an-dràsta.