'Toiseach-tòiseachaidh' air taigheadas Uibhist is Barraigh

Uibhist
Image caption 'S e dùbhlan mòr th' ann an gainnead taigheadais air feadh Uibhist agus Bharraigh.

'S e "toiseach-tòiseachaidh" a bh' ann an coinneimh mu thaigheadas ann an Uibhist agus Barraigh, a rèir chomhairliche a bha an làthair.

Chaidh caochladh bhuidhnean a riochdachadh aig a' choinneimh, nam measg Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Taighean Innse Gall, HHP, agus Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt an Comh. Iain MacNèill gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gun lean na buidhnean a bha an làthair orra ag obair còmhla airson adhartas a dhèanamh.

Ach, tha e ag ràdh gu bheil e cuideachd deatamach gun cuir muinntir an àite taic ri oidhirpean sam bith a bhios ann.

Dh'iarr Buidheann-Ghnìomha Eaconomaidh Uibhist anns a' Cheitean gum biodh a' choinneamh seo ann.

Tòrr riaghailtean

"Chan eil daoine a' cur nan ainmean aca air aghaidh airson nan liostaichean-feitheimh o chionn 's gu bheil fios aca nach fhaigh iad taighean anns na h-àitichean a tha a dhìth orra," thuirt e.

'S e fear de chomhairlichean airson Barraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh agus Uibhist a Deas a th' ann am Mgr MacNèill.

"Tha talamh gu leòr againn ann an dòigh, agus tha na h-uachdarain a tha againn an-diugh gu math fosgailte ri rudan a dhèanamh, ach tha tòrr riaghailtean mu chuairt talamh chroitearachd.

"Tha mi a' faicinn gu bheil a h-uile duine den aon bheachd gum feumar rudeigin a dhèanamh. Chan eil e furasta.

"Chan eil gin de na beachdan againn an-diugh ùr, ach dìreach nach deach an toirt air aghaidh.

"Tha mi an dòchas gun tig na taighean ceart dha na h-eileanan seo, a tha freagarrach dhan a h-uile duine."