Làbaraich a' gealltainn bann-leathainn an asgaidh

John McDonnell
Image caption Tha Iain McDonnell a' gealltainn gun tèid bann-leathann a sgaoileadh air feadh na dùthcha.

Tha na Làbaraich a' gealltainn bann-leathainn fìor-luath fibre an asgaidh dhan a h-uile duine san Rìoghachd Aonaichte, is pàirt de BhT a chur fo shealbh na Stàite.

Tha iad ag ràdh gum pàigh iad air a shon le cìsean air companaidhean teicneòlais.

Tha pàrtaidhean eile air a ràdh nach eil seo practaigeach no ciallach ge-tà.

Chan e rud ùr a th' ann do na pàrtaidhean poileataigeach a bhith a' bruidhinn air bann-leathann fìor-luath a thoirt dhan a h-uile duine ann am Breatainn, ged nach eil sin air tachairt fhathast.

Bun-structar

Ach 's e a tha na Làbaraich a' gealltainn am pàirt den chompanaidh BhT a tha a' dèiligeadh le bun-structar, OpenReach, a thoirt fo shealbh na Stàite.

Bhiodh cìs cuideachd a' dol air companaidhean mòra teicneòlais airson na cosgaisean mu choinneimh seo a phàigheadh .

Tha na Labaraich a' cumail a-mach gun cosgadh e £20bn thairis air an deich bliadhna a tha romhainn.

Tha BT fhèin air a ràdh gun obraich iad le duine sam bith airson am bann-leathann a leasachadh.

Ach thuirt iad cuideachd gum feumar a bhith faiceallach mun bhuaidh a bheireadh e air daoine aig a bheil peinnseanan BT, air luchd-obrach, luchd-tasgaidh, is luchd-earrannan, ma thèid OpenReach a chur fo shealbh na Stàite.

Fantasachd

Thuirt na Tòraidhean nach cosg an rud a tha na Làbaraich ag iarraidh £20bn idir, ach gun cosgadh e a cheithir uimhir sin agus nach eil ann ach fantasachd.

Tha na Lib-Deamaich cuideachd air a ràdh gur e dìreach rud eile a tha seo air clàr-miann nan Làbarach a tha cho daor 's nach biodh e ciallach.

An rud ge-tà, tha a h-uile pàrtaidh fad bhliadhnaichean air a bhith ag ràdh gun dèan iad rudeigin airson am bann-leathann a thoirt dhan a h-uile duine 's chan eil e faisg air tachairt fhathast.

Ann an tachartasan eile an là, bidh Humza Yousaf bhon SNP ag iomairt ann an Glaschu Dihaoine 's iad airson 's gun tèid VAT a phàigheadh air ais dha na Poilis ann an Alba agus dhan t-seirbheis-smàlaidh .

Bidh na Tòraidhean ann an Siorrachd Obar Dheathain, a' bruidhinn ri Tuathanaich airson innse mu na diofar rudan a nì iad dhaibhsan.

A thaobh nan Lib-Deamach, tha iadsan cuideachd gu bhith san Ear-Thuath 's iad an-dràsta a' dèanamh oidhirp gus na seann sgìrean traidiseanta aca far an robh iad aig aon àm cofhurtail a bhuannachadh air ais, sgìrean air an tuath mar eisimpleir.