Cha robh seacaid-teasairginn air iasgair a chaidh a bhàthadh

Sea Mist Image copyright MAIB
Image caption Thuit Tony Masson, a bha 67, bhon bhàta chlèibh aige taobh a-muigh cala Dhùn MhicDhuibh sa Mhàrt.

Fhuair aithisg nach robh seacaid-teasairginn air sgiobair bàt'-iasgaich a chaidh a bhàthadh ann an Linne Mhoireibh.

Thuit Tony Masson, a bha 67, bhon bhàta chlèibh aige taobh a-muigh cala Dhùn MhicDhuibh sa Mhàrt.

Chaidh a thoirt dhan ospadal far an do bhàsaich e.

Cho-dhùin aithisg Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara gun deach e an sàs ann an ròp agus gun deach a tharring dhan mhuir.

Bha e ag obair leis fhein, thuirt iad, gun seacaid-teasairgin - rud a dh'fhaodadh a bhith air a bheatha a shàbhaladh.