Iomairt an aghaidh a' Ghalair Dhuidsich

Craobh Leamhainn ann an Gleann Afraig Image copyright Niall Benvie
Image caption Chaidh craobh fhalainn leamhainn a tha air a fàgail na h-aonar ann an Gleann Afraig ainmeachadh mar Chraobh Albannach na Bliadhna 2019.

Chaidh iomairt ùr a chur air bhonn feuch stad a chur air sgapadh a' Ghalair Dhuidsich am measg chraobhan leamhainn air Ghàidhealtachd.

'S iad daolagan beaga a bhios a' sgaoileadh a' ghalair fhungasaich, a dh'fhaodas cur às do chraoibh leamhainn gu math sgiobalta.

Tha an galar mar thà air sgìre Inbhir Nis a ruighinn, an dèidh dha tighinn a-steach à Siorrachd Obar Dheathain agus Moireibh.

Tha e a-niste a' teannadh air na h-àiteachan mu dheireadh a tha saor on ghalar, air a' chosta an iar.

Tha an iomairt, air a bheil Elmwatch, an dòchas dìon a chur air na tèarmainnean mu dheireadh.

Is coltach gur e aon dòigh air am bi an galar ga sgapadh, connadh fiodha.

"Bidh na daolagan a' faighinn lioft mar gum biodh air feadh na Gàidhealtachd, agus tha dùil gur ann air fiodh a th' air a ghannrachadh a tha iad a' dèanamh seo," thuirt an Dr Euan Bowditch, bho Bhuidhinn Rannsachaidh nan Cruth-Tìrean Coille aig Colaiste Inbhir Nis UHI.

"Ma dh'fhaodas sinn casg gu ìre a chur air na tha de dh'fhiodha leamhainn ghannraichte a tha ga ghiùlain mun cuairt, faodaidh sinn cothrom a thoirt do chraobhan leamhainn a tha fhathast falainn, leithid an fheadhainn air a' chosta an iar, air tighinn beò."

Tha a' bhuidheann phoblach Coilltearachd Alba, a' brosnachadh dhaoine gun a bhith a' gluasad fiodh connaidh leamhainn.

"Tha an galar air sgaoileadh timcheall air Linne Mhoireibh sa cheithir bliadhna mu dheireadh," thuirt Iain Risby, bhon bhuidhinn.

"Cha tèid aig an daolaig air sgèith fada, agus bhiodh e ao-coltach gun ruigeadh i an costa an iar às aonais cuideachaidh," thuirt e.