Fàilte air planaichean airson Gàidhlig aig Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd do phàrantan ann an Inbhir Theòrsa gu bheil planaichean aca gus dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig ri fhaotainn do sgoilearan san àrd-sgoil an ath-bhliadhna.
Thuirt a' Chomhairle gun tèid dreuchd airson neach-teagaisg a bhios ag obair eadar àrd-sgoil a' bhaile agus àrd-sgoil a' Bhlarain Odhair a shanasachd ann an ùine nach bi fada
Chuir pàrantan agus comhairlichean fàilte air an naidheachd aig coinneamh ann an Inbhir Theòrsa oidhche Chiadain.
Bidh triùir le Gàidhlig a' dol a dh' Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa ann an 2020, ach chan eil Gàidhlig ga teagaisg an sin an-dràsta.
Nas fheàrr
Thuirt a' Chomhairliche Raymond Bremner, "Nuair a bha na h-oifigearan bhon Chomhairle aig a' choinneamh nas traithe air am bliadhna cha robh mise uabhasach toilichte, oir cha d' fhuair sinn fiosrachadh idir mu dè bha gus tachairt a thaobh na Gàidhlig,"
"Tha sinn fada nas fheàrr a-nis anns an àite far a bheil sinn an-dràsta, na bha sinn aig tòiseach na bliadhna seo.
"Feumaidh cuimhne a bhith againne gu bheil 20 clann anns a' bhun-sgoile a seo agus gum bi iad uile a' dol dhan àrd-sgoil thairis air na bliadhnaichean.
"Tha sinn ag iarraidh a bhith cinnteach gum bi a h-uile càil ann an òrdugh a-nis agus cuideachd anns na bliadhnaichean a tha romhainn."
Draghan
Ged a tha 19 sgoilearean anns an ionad Gàidhlig aig Bun-Sgoil Mount Pleasant anns a' bhaile an-dràsta, bha draghan ann leis nach eil a' Ghàidhlig ga theagaisg aig àrd-sgoil na sgìre, Àrd Sgoil Inbhir Theòrsa.
'S e an ath-bhliadhna a' chiad turas a thèid sgoilearan bhon ionad sin dhan àrd-sgoil.
Dh'fhosgail Bun-Sgoil Mount Pleasant ann an 2013 às dèidh do phàrantan strì fad bhliadhnaichean airson a leithid.
'S e a' chiad ionad Gàidhlig ann an Gallaibh a th' ann.