Surfair air bàsachadh ann an Leòdhas

Barabhas

Tha fireannach air bàsachadh an dèidh dha a bhith a' surfadh air taobh siar Leòdhais.

Chaidh an duine a thoirt às a' mhuir ann am Barbhas goirid ro mheadhan là Diciadain.

Chaidh a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh, far an deach a ghairm marbh.

Tha rannsachadh a' leantainn, 's thèid aithisg a thoirt do Neach-casaid a' Chrùin.