Caillidh 35 an cosnadh aig Àirinis Dihaoine

Gàradh Àirinis Image copyright DF Barnes

Chaidh a dhearbhadh gun tèid 35 luchd-obrach a phàigheadh dheth aig gàradh Àirinis Dihaoine agus 15 eile a' dol a chall an cosnadh an t-seachdain seo tighinn.

Chaidh ainmeachadh air a' mhìos a chaidh seachad gun robh grunn dol a dh'fhalbh ri linn cion obrach aig a' ghàradh.

'S ann dìreach an-uiridh a ghabh a' chompanaidh Canèideanach DF Barnes a-nall Bifab, a bha a' ruith ionaid Àirinis.

Thuirt iad aig an àm gum biodh an goireas ann an Steòrnabhagh gu bhith gu math cudromach dhaibh a' dol air adhart.

Cùmhnant

Chaidh cùmhnant fhaighinn airson bun-structuran do thuath-gaoithe far chosta Mhoireibh a thogail agus bha dùil gum biodh an tuilleadh obrach a' tighinn às dèidh sin.

Ach, tha a' chùmhnant sin a-nis air a thighinn gu ceann agus chan eil càil a bharachd a dh'obair ann, co-dhiu an-dràsta, agus le sin feumar grunn mhòr den luchd-obrach am pàigheadh dheth.

Fàgaidh 35 Dihaoine agus 15 an ath-sheachdain cuideachd.

Tha DF Barnes ag ràdh gu bheil iad a' coimhead ri grunn phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail a tha an impis tachairt ann an Alba, an tuath-gaoithe mòr Neart na Gaoithe far chosta Fhioba am measg sin.

Bifab

Chaidh ainmeachadh ron a seo gum biodh co-dhiù cuid den obair a' dol gu seann ghàraidhean Bhifab, ach chan eil na cùmhnantan sin air an stèidheachadh fhathast.

Cha robh a' chompanaidh airson a ràdh cuin a thigeadh sin, no cuin a thigeadh obair sam bith eile, ach thathas a' tuigsinn gu bheil iad a' coimhead ris an earrach an-ath-bhliadhna.

Tha 50 neach a' dol a chall an obraichean an-dràsta agus bidh suas ri 30 a' fuireach nan dreuchdan.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gur e àm dhuilich a bh' ann do na teaghlaichean agus gum feum a' chompanaidh a-nis coimhead gu mòr ri obair eile fhaighinn do dh'Àirinis.

Thuirt e gu bheil e air bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mu dheidhinn agus gu bheil e an dòchas gun tig obair eile ann an ùine nach bi fada.

Cheannaich Riaghaltas na h-Alba Bifab bho chionn dà bhliadhna aig prìs £25m agus cunnart ann gun robh iad a' dol fodha aig an àm.