BBC Naidheachdan

Poileas fhathast a' lorg fear à Alanais

Published
image copyrightPoileas Alba
image captionChaidh Calum MacCoinnich fhaicinn air camera CCTV ann am bùth Morrisons ann an Alanais mus deach e a dhìth.

Tha na Poileas fhathast a' lorg fear à Alanais a chaidh fhaicinn mu dheireadh bho chionn seachdain.

Bha Calum MacCoinnich, 41, ann am bùth Morrisons air Rathad Dhail Mhòir sa bhaile aig 1.30f diardaoin sa chaidh.

Bidh oifigearan a' cur stad air draibhearan ann an Alanais, agus a' bruidhinn ri daoine anns an sgìre.

Tha iad cuideachd a' cleachdadh heileacoptair airson feuchain ri lorg fhaighinn air.

Tha Mgr MacCoinnich sia troighean de dh'àirde, agus sgall air. Tha tattoo air ghàirdean-clì.

Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh bha seacaid dhubh air, lèine ghorm agus briogais dhubha.