Siostam-acrachaidh ùr air a chur an sàs ann an Ciseorn

Ciseorn Image copyright Colin Keldie

Chaidh siostam-acrachaidh ùr luach £1m a chur an sàs ann an Ciseorn 'son an doca-thioraim aca.

Bidh an siostam a' fàgail gheataichean an doca-thioraim aig Port Chiseorn teàrainte fhad 's a tha an doca fosgailte.

Tha na geataichean 83 meatair de dh'àirde agus tha 11,000 tonna de chuideam annta.

'S e Gael Force Group a fhuair an cùmhnant airson an siostam ùr seo a chur an sàs agus dh'obraich iad ann an co-bhonn le Green Marine airson a' phròiseict a thoirt gu buil.

Tha dùil gur e Ciseorn fear de na docaichean is doimhne san t-saoghal aig 13.8m aig mullach an reothairt.

Chaidh an clàr-ola Ninian Central a thogail ann agus thogadh na casan airson Drochaid an Eilein Sgitheanaich ann cuideachd.

'S ann le Ferguson Transport (Drochaid an Aonachain) Eta agus Leiths (Alba) Eta a tha am port, agus 's ann ag amas air obair dì-choimiseanaidh a tha iad mar as trice a-niste.