Marsantaich a' Mhargaidh Bhictòrianaich diombach

Am Margadh Bhictòrianach
Image caption S' ann ann 1870 a chaidh am margadh fhosgladh an toiseach.

Tha marsantaich aig Margadh Bhictòrianach Inbhir Nis ag ràdh gu bheil iad diombach às dèidh mar a chaidh innse dhaibh gum feum iad gluasad a-mach às fhad 's a tha obair-leasachaidh luach £50m a' dol air adhart.

Chaidh innse do 14 marsantaich gum bi aca ri gluasad airson co dhiù sia mìosan ach 's dòcha suas ri bliadhna, ma thèid le planaichean na comhairle airson am margaidh ath-leasachadh.

Bidh cothrom aca tairgse a chur a-steach airson bùth nuair a tha an obair deiseil agus gheibh iad airgead dìolaidh san eadar-ama.

Ach tha tè a tha a' ruith a' ghnothachais 'Asian Food', Kasia Pogo ag ràdh gu bheil an t-airgead dìolaidh ro ìseal.

Thuirt i ma thèid a cur a-mach às an togalach gun dùin a' chompanaidh aice.

Tha i a' cumail a-mach cuideachd gum mìll e coimhearsnachd nam marsantach a th' ann an-dràsta.

S' ann ann 1870 a chaidh a' mhargaidh fhosgladh an toiseach.

Tha dùil gum bi comhairlichean Gàidhealach ga dheasbad aig coinneimh an ath sheachdainn.