Fireannach neo-chiontach ri linn tinneis inntinne

Oskars Rancevs Image copyright Poileas Alba
Image caption Thèid Oskars Rancevs a thilleadh gu Ospadal Stàite Charstairs airson tulleadh leigheis fhaighinn.

Chaidh fireannach fhaighinn neo-chiontach air chasaidean gun do mhuirt e peinnseanair 's gun do mharbh e fear eile san Òban, ri linn 's gun robh tinneas inntinn air aig an àm.

Thug Oskars Rancevs, 33 a bhuineadh do Latbhia, ionnsaigh air Màrtainn Mac a' Ghobhainn, 73 a bha uair anns an SAS, agus John Whyte, 75 a bha nan nabaidhean dha, san Dàmhair an-uiridh.

Chuala a' chùirt gun do dh'innis Rancevs do na poileas às dèidh nan ionnsaighean gur e sin 'an là a b'fheàrr a bh' aige riamh'.

Uamhasach

Thuirt am Morar Rae gur e cùis uabhasach a bh' ann.

"Tha luchd-casaid a' gabhail ris gu bheil am fear a tha fo chasaid a' fulang le tinneas inntinne chun na h-ìre 's nach robh fios aige gun do rinn e sian ceàrr.

"Tha e follaiseach bho aithisgean bhon àm gun robh Mgr Rancevs fìor thinn".

Bha Rancevs air gluasad dhan Rìoghachd Aonaichte ann an 2015 agus 's e dannsair proifeiseanta a bh' ann.

Dannsair

Chaidh innse gum biodh e ag obair air prògram telebhisein ann an Latbhia agus air bòrd shoithichean mòra mar phàirt de sgioba de dhannsairean, ach gun do thòiseach e fàs meadhanach le tinneas inntinne.

Bha grunn daoine air draghan a thogail mu mar a bha Rancevs ga ghiùlan fhèin ro na h-ionnsaighean agus bha fiù 's a leas-athair air bruidhinn ris na poileas agus ri seirbheisean slàinte mun iomagain a bh' air.

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Glaschu gun robh Mgr Mac a' Ghobhainn air gearain ri Rancevs mu a bhith a' cur sgudail anns a' bhin cheàrr.

Aig 9:30m. air 1mh Dàmhair chunnaic Rancevs Mgr Mac a' Ghobhainn a' bruidhinn ri Mgr Whyte taobh a-muigh nam flataichean aig Cùirt Chaluim Chille far an robh iad a' fuireach.

Thòisich Rancevs a' caitheamh sgudail air Mgr Mac a'Ghobhainn agus an uair sin thòisich e a' toirt ionnsaigh air 's nuair a thuit Mgr Mac a' Ghobhainn dhan làr, chaidh a bhreapadh mun cheann agus lèum Rancevs air uchd le a dhà chois.

Seirbheisean èiginn

Ged a dh'fheuch Mgr Mac a' Ghobhainn faighinn air falbh, fhuair Rancevs greim air, 's chuir e na laighe e eadar dà chàr.

Shreap e an uair sin air bonaid fear de na càraichean agus leum e sìos gu cruaidh air Mgr Mac a' Ghobhainn.

Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a ghairm marbh aig an ospadal.

Chuala a' chùirt gun do bhreap Rancevs Mgr Whyte na stamaig dà thuras.

Chur esan fios air na seirbheisean èiginn agus chaidh e air ais dhan flat aige.

Uallach

Ach fhad' s a bha e a' bruidhinn ris an tè air a' fòn chuala i fuaim glugaidh agus bha e foileasach gun robh duilgheadasan aige anail a ghabhail, agus cha chuala i an còrr.

Chaidh Mgr Whyte fhaighinn marbh anns a' flat aige aig 8:10f. an oidhche sin.

Bha trioblaidean cridhe air a bhith aige agus 's e greim cridhe a thug bàs dha agus e fo uallach mu na thachair dha fhèin agus do Mhgr Mac a' Ghobhainn.

Tillidh Rancevs gu ospadal inntinne na Stàite airson an còrr leigheis fhaighinn.

Thèid an dàrna èisteachd a chumail an ath-bhliadhna.