BBC Naidheachdan

Croitear air a mharbhadh le crodh

Published

Cho-dhùin siorraidh ann an sgrùdadh tubaist bhàsmhor gun bhàsaich croitear an dèidh dha a bhith air a bhruthadh le crodh.

Bha Eachann MacLeòid, 58, à Beàrnaraigh na Hearadh, a' feuchainn ri tarbh fhaighinn air ais a stàile ann an sabhal nuair a thachair an tubaist air an 24mh den Ghiblean an-uiridh.

Thuirt an siorraidh Chrìsdean Dickson nach robh càil ann a b' urrainn dhan croitear a dhèanamh airson an tubaist a sheachnadh.

Bha e ag ràdh gun robh e a' cuimhneachadh air teaghlach Mhaighstir MhicLeòid.

Thuirt e nach robh trioblaid sam bith aig Eachann MacLeòid leis an tarbh no na mairt gu là na tubaiste.

Chaidh na beathaichean, a fhuair a-mach às an t-sabhal, a thilleadh gu sàbhailte gu na stàilean aca.