Am bi bhòtadh tactaigeach a' tachairt san taghadh seo?
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Am bi bhòtadh tactaigeach a' tachairt san taghadh seo?

13 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha uair a bha daoine dìreach a' bhòtadh dhan phàrtaidh as motha a bha a' còrdadh riutha.

Tha teansa gum faodadh sin atharrachadh gu ìre anns an taghadh seo, oir tha an taghadh fhèin cho toinnte - eadar Brexit, an Rìoghachd Aonaichte fhèin a chumail ri chèile no a sgaradh is eile.

Ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh, tha còrdadh foirmeil eadar cuid de na pàrtaidhean a tha an aghaidh Bhrexit, nach seas iad an aghaidh a chèile ann an cuid de sheataichean - sin na Lib-Deamaich, na h-Uainich aguis Plaid Cymru. Chan eil an Alba.

Ach chan eil sin ag ràdh nach bi bhòtadh tactaigeach ann.

Bhruidhinn Dòmhnall Moireasdan ri Deasaiche Westmister an Daily Record, Torcuil Crichton.