Cha sheas Pàrtaidh Bhrexit an roinnean Tòraidheach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cha sheas Pàrtaidh Bhrexit an roinnean Tòraidheach

13 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'innis Nigel Farage nach bi tagraichean bho Phàrtaidh Bhrexit a' seasamh ann an sgìrean taghaidh a bhuannaich na Tòraidheann ann an 2017.

Thuirt Mgr Farage gum biodh iad ag amas gu h-àiridh air seataichean a tha na Làbaraich agus pàrtaidhean a tha a' cur an aghaidh Bhrexit a' feuchainn ri chumail.

Chuir Boris Johnson fàilte air an naidheachd ach thuirt ceannard nan Làbarach Jeremy Corbyn gun d' fhuair Dòmhnall Trump a mhiann, sin gun obraicheadh am Prìomhaire agus Mgr Farage còmhla.