Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Atmhorachd

Sheall àireamhan a thàinig a-mach an-diugh sa mhadainn gu bheil ìre na h-atmhorachd air tuiteam chun na h-ìre as ìsle ann am faisg air trì bliadhna. Tha ìre bhliadhnail an CPI air tuiteam gu 1.5% an coimeas ri 1.7% anns an t-Sultain. 'S e cuibhreachadh phrìsean cumhachd am prìomh adhbhair airson an lughdachaidh, cuid ri saorachadh ann am prìsean àirneise agus goireasan thaighe.

Tuiltean

Chaidh tuilleadh shaighdearan a chur gu coimhearsnachdan ann am meadhan agus ceann a tuath Shasainn airson a bhith a cuideachadh le buaidh nan tuiltean. Chaidh innse do dhaoine ann am Fishlake faisg air Doncaster gur mathaid gum bi trì seachdainean ann gus an urrainn dhaibh tilleadh dhan dachaighean. Tha tuilleadh uisge air fàire airson nas fhaide air an t-seachdain. Na bu thràithe an-diugh chaidh am Prìomhaire Boris Johnson a chàineadh le daoine ann an Stainforth ann an Yorkshire a Deas nuair a thadhail e air a'bhaile a dh'fhaicinn na h-oidhirpean gus bacadh a chur air na tuiltean.

Teintean choille

Tha na seirbheisean èiginn ann an Astràilia ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh le còrr is 150 teintean choille ann an diofair phàirtean den dùthaich. Tha triùir air am beatha a chall agus chaidh còrr is 200 dachaigh a sgrios on a thòisich na teintean air an t-seachdain sa chaidh. Tha na h-ùghdarrasan air òrdughan a thoirt seachad airson daoine a ghluasad a-mach à grunn choimhearsnachdan ann an Queensland.

Grianaig

Chaidh casaidean a chur as leth fear à Grianaig ann an co-cheangal le bàs fireannaich anns a' bhaile. Chaochail Crìstein Nicol aois 27 às dèidh tachartas na dhachaigh air Rathad Maple anns an t-Sultain. Tha dùil gun nochd fear aois 43 ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Grianaig fhathast.

Lorgadh Deugaire

Agus chaidh deugaire a chaidh a dhìth ann an Loch Abair a lorg is e slàn sabhailte. Bha dragh ann mu dè bha air èirigh do Dhaibhidh Bivol, aois 16 à Northampton às dèidh mar a chaidh fhaicinn mu dheireadh aig Loch Trèig air feasgair na Sàbaide.