Coinneamh mu fhoghlam Ghàidhlig an Inbhir Theòrsa

Inbhir Theòrsa

Bidh coinneamh ann an Inbhir Theòrsa oidhche Chiadain gus bruidhinn mu dheidhinn na slighe air adhart do dh' fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa sgìre.

Tha 19 sgoilearean a' faighinn oideachadh anns an ionad Gàidhlig aig Bun-Sgoil Mount Pleasant anns a' bhaile.

'S e a' chiad ionad Gàidhlig ann an Gallaibh a th' ann am Bun-Sgoil Mount Pleasant, a chaidh stèidheachadh ann an 2013, às dèidh do phàrantan strì fad bhliadhnaichean airson a leithid.

An ath-bhliadhna, thèid sgoilearan bhon sgoil ud dhan àrd-sgoil airson a' chiad turas.

Ach fhathast chan eil foghlam sam bith tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn aig àrd sgoil na sgìre, Àrd Sgoil Inbhir Theòrsa.

Draghan

Tha cuid air draghan a thogail, agus coltas ann nach bi cothrom sam bith ann dhan sgoilearan leantainn oirre ag ionnsachadh a' chànain nuair a thèid iad dhan àrd sgoil ann an 2020.

Tha cuid ag iarraidh gun tèid a' Ghàidhlig a teagaisg na cuspair, agus gun tèid cuid de chuspairean eile a theagasg sa chànan san sgoil.