Clòimh ga cleachdadh air frith-rathaidean

  • Air fhoillseachadh
Clòimh air frith-rathad ann an Uibhist

Tha clòimh ga cleachdadh le RSPB na h-Alba airson frith-rathaidean a chàradh ann an tèarmann nàdair ann an Uibhist.

Thathas a' pasgadh na clòimhe agus ga cur còmhla ris na clachan.

Tha a' clòimh a' cuideachadh le drèanadh agus gus dèanamh cinnteach nach tèid na clachan ro dhomhainn dhan mhòine.

Monadh a' Phentland

Tha an dòigh seo airson frith-rathaidean a chàradh an dèidh bhith air a chleachdadh roimhe ann am Monadh a' Phentland faisg air Dùn Èideann agus anns an Lake District.

Thuirt uàrdan an tèarmainn Heather Beaton gu bheil a' clòimh mòran nas fheàrr dhan àrainneachd na plastaig.

Plastaig

Bha i ag ràdh: "Cha robh sinn airson plastaig a chleachdadh.

"Chuala sinn gun robh clòimh ga cur gu feum air frith-rathaidean ann am pàirtean eile de dh'Alba, agus bha sinn a' smaoineachadh gum feuchadh sinn fhìn an aon rud."