Duilgheadas le togail thaighean air an Tairbeart

Tairbeart na Hearadh Image copyright Undiscovered Scotland

Tha Buidheann Taigheadais Innse Gall, HHP, ag ràdh gun dèan iad nas urrainn dhaibh gus crìoch a chur air ochd taighean ùra anns na Hearadh an dèidh dhaibh dearbhadh fhaighinn nach bi a' chompanaidh-togail, Douglas and Stewart, a' tilleadh chun an eilein.

Thuirt neach-labhairt HHP gur e briseadh-dùil a tha seo agus gu bheil iad a' coimhead air a h-uile roghainn airson an obair aig seann làrach stèisean nam poileas air an Tairbeart a chrìochnachadh - nam measg an obair a chur a-mach gu tairgse às ùr.

Làraichean

Thuirt Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh, Iain MacLeòid, gu bheil an obair air na taighean aig ìre thràth: "Chan eil ann ach an làrach - chan eil càil air a thogail - bha iad ag obair air an làraich."

Bha e cuideachd ag ràdh: "Cha robh càil a dhùil aig duine gun tachradh seo, gu falbhadh iad agus nach dèanadh iad an obair ullamh.

Ùine mhòr

"Bheir seo ùine mhòr ma dh'fhumas HHP a-nis firms eile fhaighinn agus cha bhi sin fursasta.

"Chan eil e furasta luchd-obrach ionadail fhaighinn an seo, agus sin an t-adhbhar a fhuair iad a' chompanaidh seo anns a' chiad àite - chan eil fhios cuine a dh'fhaodadh an obair seo tòiseachadh a-rithist."

Bha e ag ràdh gur e bristeadh-dùil mòr a th' ann is e duilich do dhaoine taighean fhaighinn anns na Hearadh: "Bha sinn cho toilichte nuair a bha an obair seo a' dol a thòiseachadh agus gun dèanadh e feum mhòr dhan àite."