Dàil air banachdach a' fliù do chloinn

Banachdach Image copyright Getty Images

Chan fhaigh clann-sgoile air a' Ghàidhealtach banachdach a' fliù an t-seachdain seo mar a bha dùil leis nach eil gu leòr dhith ann.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum feum iad prìomhachas a thoirt dhan fheadhainn as motha a dh'fheumas dìon bhon fliù.

Tha dàil ann a bhith a' lìbhreagadh na banachdaich Fluenz Tetra - a bhios clann a' faighinn san t-sròn - air duilgheadasan adhbhrachadh air feadh na dùthcha.

Dh'iarr NHS na Gàidhealtachd an leisgeul a ghabhail agus thuirt iad gu bheil iad a' dol a sgrìobhadh gu pàrantan nuair a tha am fiosrachadh as ùire aca mun bhanachdach.

Thathar an dùil gum bi iad air barrachd dhen bhanachdach fhaighinn ann an ceithir seachdainean eile.