Siostam ùr airson òtrachas Bhaile a' Mhuilinn Bhig

Baile a' Mhuilinn Bhig Image copyright PHIL WILLIAMS/GEOGRAPH
Image caption Baile a'Mhuilinn Bhig, faisg air Inbhir Narann, far a bheil Uisge na h-Alba a' feuchainn siostaim òtrachais ùir.

Tha deuchainnean a' dol air Ghàidhealtachd a' feuchainn air dòigh ùr a lorg airson dèiligeadh ri òtrachas a bhiodh na b' fheàrr dhan àrainneachd agus na bu shaoire.

Tha Uisge na h-Alba air dà thanca ùr a thogail ann am Baile a' Mhuilinn Bhig, faisg air Inbhir Narann, far an tèid boiteagan agus deargannan-uisge a chur ri òtrachas.

'S e am plana gun dèilig na creutairean ri òtrachas bho thaighean a' bhaile ann an dòigh nàdarra, is gun feum idir air dealan.

An-dràsta tha an t-ionad òtrachais anns a' bhaile a' ruith air dealain cha mhòr fad na h-ùine, ach leis an t-siostam ùr seo, cha bhiodh feum air cumhachd idir.

Ithidh na boiteagan-talmhainn an stuth cruaidh am measg an òtrachais, agus cagnaidh na deargannan-uisge air an stuth ceimigeach a th' air fhàgail leithid amòinia.

Ma tha na deuchainnean soirbheachail, tha dòchas gun tèid tancaichean mar seo a stèidheachadh ann an coimhearsnachdan beaga eile coltach ri Baile a' Mhuilinn Bhig.

Tha iad cuideachd airson faighinn a-mach am mair na creutaran seo beò is i a' dol fo ìre reòthaidh aig an àm seo den bhliadhna san sgìre.