Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh Coitcheann

Dh'iarr Nigel Farage air na Tòraidhean gun iad a bhith a' farpais ri Pàrtaidh Bhrexit ann an raointean taghaidh Làbarach far nach eil cus cothrom aca buannachadh. Dhearbh Mgr Farage an-dè nach seasadh am pàrtaidh aige ann an raointean Tòraidheach ann an oidhirp dèanamh cinnteach gun tèid Brexit a chur an sàs. Chaidh e às àicheadh ge-tà, gun robh iad a' dèanamh seo airson an Riaghaltas a chuideachadh.

'S thuirt am Pàrtaidh Làbarach gun deach aca air stad a chur air ionnsaigh cyber air na siostaman coimpiutair aca. Tha am pàrtaidh ag ràdh gun deach oidhirp a dhèanamh gus an làrach-lìn aca a thoirt far-loidhne, gus ged a chuir an ionnsaigh beagan de dhàil air cuid de na h-iomairtean taghaidh aca, nach deach dàta sam bith a chall.

Tuiltean

Tha tuiltean a' cur bacadh air seirbheisean rèile eadar a' Ghàidhealtachd agus meadhan na dùthcha. Thuirt Scotrail gu bheil pàirt den rèile eadar Inbhir Nis agus Drochaid Chàrr fon uisge, agus gum bi seirbheisean à Glaschu agus Dùn Èideann a' stad anns an Aghaidh Mhòir. Thuirt a' chompanaidh gun tèid busaichean a chur air a' chòrr den t-slighe gu Inbhir Nis.

Agus cumaidh Boris Johnson coinneamh de ChOBRA, comataidh èiginneach an Riaghaltais, feasgar, a dheasbad na tha ga dhèanamh mu na tuiltean ann an Yorkshire agus meadhan Shasainn. Sgrìobh Jeremy Corbyn chun a' Phrìomhaire an-dè, 's e ag ràdh nach robh e idir ag aontachadh ri mar a bha an suidheachadh ga làimhseachadh le ministearan. Thuirt Sràid Dhowning gun robh Mgr Johnson air co-dhùnadh a' choinneamh a chumail mus d' fhuair e an litir aig Mgr Corbyn.

Cion-Cosnaidh

Sheall àireamhan ùra gun do thuit na bha de dh'Albannaich ann an cosnadh thairis air na trì mìosan gu deireadh na Sultaine. Aig a' cheart àm dh'èirich àireamh cion-cosnaidh na dùthcha gu 4%. Tha sin nas àirde na an àireamh airson na Rìoghachd Aonaichte anns an fharsainneachd.

'S chaidh 66 obraichean a chall ann an Lodainn an Iar, agus companaidh bathair air a dhol fo rianachd. Tha Corporate Road Solutions, a tha stèidhichte ann am Bathgate, a' coireachadh mhargaidhean dùbhlanach agus chosgaisean a bharrachd. Tha a' chompanaidh gu mòr an sàs ann a bhith a' giùlain bathair do bhùithdean bìdh, agus do ghnìomhachasan beaga Albannach.

Drogaichean

Chaidh drogaichean luach £80,000 a lorg ann an carbad a chaidh a stad leis na Poilis ann an Siorrachd Dhùn Phris an-raoir. Tha dùil gun deach cainb agus cocaine a lorg ann an carbad BMW a chaidh a stad air an M74, faisg air Drochaid Bhaile Eoghain, goirid às dèidh 8:00f. Chaidh fear aois 26 a chur an grèim, 's tha dùil ris ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Phris an-diugh fhathast.