Tuil a' toirt buaidh air loidhne rèile

Tuil air an rèile Image copyright Network Rail

Chaidh loidhne rèile air a' Ghàidhealtachd a bha dùinte an dèidh tuile, fhosgladh a-rithist, ach tha casg-astair 5m.s.u. air trèanaichean a chleachdas e.

Tha an rèile a tha ri thaobh fhathast dùinte ge-tà, agus uisge fhathast a' sruthadh thairis air.

Chaidh an loidhne a dhùnadh eadar Inbhir Nis agus Drochaid Chàrr madainn Dimàirt, agus uisge trom air tuil adhbharachadh.

Bha seirbheisean eadar Glaschu Sràid na Bànrighinn agus Inbhir Nis a' stad san Aghaidh Mhòir, agus a' tilleadh às an sin a Ghlaschu.

Bha agus seirbheisean eadar Dùn Èideann agus Inbhir Nis.

Chaidh seirbheisean bus a chur an àite nan trèanaichean eadar an Aghaidh Mhòr agus Inbhir Nis, ach tha seirbheisean a-niste a' ruith air an rèile.