Dealbhan CCTV de dhuine a tha a dhìth

  • Air fhoillseachadh
Calum MacCoinnichTùs an deilbh, Poileas Alba

Chaidh dealbhan CCTV a sgaoileadh de dh'fhireannach a tha a dhìth bho a dhachaigh ann an Alanais air taobh sear Rois.

Chunnacas Calum MacCoinnich, 41, mu dheireadh ann an Alnais aig 1:45f Diardaoin seo chaidh.

Chaidh fhaicinn air CCTV aig bùth Morrissons air Rathad an Dail Mhòir sa bhaile aig 1:27f an là sin.

Tha na Maoir-Chladaich, na Poilis agus sgiobannan teasairginn nam beann air a bhith a' feuchainn ri lorg fhaighinn air sa bhaile, agus cuideachd ann an Inbhir Ghòrdain.

Tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad a' fàs nas draghaile mu dheidhinn, 's dh'iarr iad air a' phoball coimhead ann an seadaichean, garaidsean agus togalaichean eile feuch a bheil e ann.

Tùs an deilbh, Poileas Alba

Dh'iarradh cuideachd air dràibhearan le dashcam coimhead air na dealbhan aca ma bha iad air Corran Salevesen, Corran Kendal no Rathad Òbasdail ann an Alanais, no air a' B817 eadar Alanais agus Inbhir Ghòrdain eadar 1:00f agus 3:00f Diardaoin 7mh Samhna.