BBC Naidheachdan

Ionnsaigh am Baile Dhubhthaich

Published

Tha Poilis air a' Ghàidhealtachd a' rannsachadh às dèidh aithris mu dhroch ionnsaigh air fireannach ann am Baile Dhubhthaich air an deireadh-sheachdain.

Tha iad a' lorg fiosrachaidh mu dhithis fhireannach ann an co-cheangal ris a' chùis.

Thachair an ionnsaigh ann an Cùirt Earra-Ghàidheal sa bhaile mu 04:30m Didòmhnaich.

Thuirt Poileas Alba gun deach fireannach, 27, a ghoirteachadh mun aodann. Fhuair e cobhair bho luchd-eiridinn aig an làraich.

Tha a' chiad fhear den dithis a tha na Poilis a' sireadh geal, 25-30 bliadhna de dh'aois, mu 6tr de dh'àirde, 's e caol, le gruag dhorcha ghoirid. Bha seacaid is dìnichean ghorm air.

Tha an duine eile geal, 25-30 bliadhna de dh'aois, mu 5'10", 's e caol, le gruag dhorcha ghoirid. Bha seacaid is briogais spòrs dhubh air-san.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis a thighinn a bhruidhinn riutha.