Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Là Cuimhneachaidh

Bha dà mhionaid de shàmhchar air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' comharrachadh 101 bliadhna bho chaidh sìth a ghairm anns a' Chogadh Mhòr. Tha na Tòraidhean agus na Làbaraich a' comharrachadh an là le gealltanas air beatha nas fheàrr do dhaoine a bha agus a tha sna feachdan armaichte, agus na teaghlaichean aca.

British Steel

Tha e coltach gu bheil aonta gu math faisg a nì cobhair air British Steel agus a' chompanaidh Shìonach Jingye deònach £70m a phàigheadh air. Nì sin glèidheadh air ionad British Steel ann an Scunthorpe agus mu 4,000 cosnadh an sin.

An Eaconomaidh

Bha fàs 0.3% ann an eaconomaidh Bhreatainn anns na trì mìosan mu dheireadh. Tha na figearan sin bho Oifis na Staitistig Nàiseanta a' ciallachadh gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air crìonadh a sheachnadh, an dèidh seacaidh bhig anns na trì mìosan ron sin.

Hong Kong

Chaidh dithis fhìor dhroch leòn ann an àimhreit ann an Hong Kong. Tha aon duine san ospadal an dèidh do Phoilis le gunna losgadh air aig caismeachd airson deamocrasaidh. Chaidh fear eile a dhroch ghoirteachadh nuair a chuir luchd-iomairt teine ris. Thuirt ceannard Hong Kong Carrie Lam, gur iad an fheadhainn a tha ag iomairt airson deamocrasaidh a-niste nàmhaid a' mhòr-shluaigh.

Glaschu

Tha togalach tenement ann an Glaschu air tuiteam gu làr an dèidh teine a thòisich tràth sa mhadainn an-diugh. Tha e coltach gun do thòisich an teine ann am margaidh air Albert Drive ann am Pollockshields. Chaidh daoine a ghluasad a-mach gu sàbhailte às na flataichean os a chionn. Tha Albert Drive agus sràidean eile mun cuairt fhathast dùinte.

Haidreoidean

Nì Comhairle nan Eilean Siar rannsachadh air an urrainn tuilleadh feum a dhèanamh de haidreoidean mar chonnadh 's mar chumhachd. Tha cuid de charbadan na Comhairle mar thà a' ruith air Haidreoidean, agus thèid coimhead ri leudachadh air sin. 'S e beachd na Comhairle gu bheil comas mòr anns na h-eileanan air haidreoidean a dhèanamh agus a chur gu feum, agus tha iad ag ràdh gum feum iad gluasad gu sgiobalta airson buannachd fhaighinn às.