Rannsachadh phoileas aig Dùn Torcuil
- Published
Tha rannsachadh ga dhèanamh le poilis anns na h-Eileanan an Iar às dèidh aithrisean gun deach clachan a thoirt far làraich eachdraidheil ann an Uibhist a Tuath.
Fhuair na Poilis aithrisean Dimàirt 22na den Dàmhair gun deach cuid de chlachan a thoirt far na làraich, a tha na carragh-cuimhe clàraichte.
'S e aon de na h-eisimpleirean as fheàrr de bhrugh bho Linn an Iarrainn a th' ann an Dùn Torcuil, a tha suidhichte ann an Loch an Dùin ann an Uibhist a Tuath.
"'S e eucoir a th' ann a bhith a' milleadh no a' toirt air fallbh pàirt sam bith de charragh-chuimhne chlàraichte," thuirt an Sàirdeant Gavin McDevitt.
"Tha Poileas Alba agus Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba ag obair gu dlùth còmhla a' rannsachadh nan aithrisean seo agus bu mhath leinn cluinntinn bho dhuine sam bith a thadhail air an dùn anns na sia mìosan a dh'falbh."