CNES a' coimhead ri haidhdreaidean

Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' dol a dhèanamh rannsachaidh às ùr air na cothroman a th' ann dhaibh haidhdreaidean a chleachdadh mar chonnadh.

Tha cuid de na carbadan aig a' Chomhairle a' cleachdadh haidhdreaidein mu thràth, ach thèid coimhead ri mar a ghabhas sin a leudachadh.

Thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan: "Tha cothroman mòra againn anns na h-Eileanan an Iar a thaobh haidhdreaidein uaine mar a chanas iad.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinne dèanamh cinnteach gu bheil sinn aig a' bhòrd ma tha na còmhraidhean seo a' dol air adhart agus gu bheil sinn a' gabhail nan cothroman a tha a' dol a thighinn anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

"Thathar a' dol a chur suas aithisg an ath-mhìos airson a thoirt fo amharc chomhairlichean fhèin dè tha dùil aig a' Chomhairle a dhèanamh airson beachdan fhaighinn air ais, agus bidh dùil againn ri ro-innleachd ùir tha mi a' creidsinn air an ath-bhliadhna airson ar toirt air adhart airson an ath dheich bliadhna co-dhiù."