Duine a dhìth air Ghàidhealtachd
- Published
Tha draghan ag èirigh mu fhear a th' air a bhith a dhìth air taobh sear na Gàidhealtachd bho Dhiardaoin seo chaidh.
Bha Calum MacCoinnich, 41, air fhaicinn mu dheireadh aig a dhachaigh fhèin air Salvesen Crescent ann an Alanais.
Tha poilis, maoir-chladaich, bàta-teasairginn agus sgiobaidhean teasairginn nam beann uile air a bhith an sàs san iomairt gus a lorg.
Dh'iarr na Poilis air daoine le dashcam nan càraichean sùil a thoirt air na dealbhan sin, ma bha iad san sgìre Diardaoin, no air a' B817 eadar Alanais agus Inbhir Gòrdain.
Tha Mgr MacCoinnich geal, 's e 6tr de dh'àirde, tapaidh agus maol.
Bha seacaid dhubh air, le suaicheantas gorm oirre, lèine ghorm, briogais dhubh agus botannan dubha.