seachdain_0811
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fèis Ghàidhlig Dhùn Èideann

8 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thòisich seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann an-diugh, an còigeamh bliadhna den fhèis.

Bidh an fhèis a' tabhann sreath de thachartasan tron tèid inbhe na Gàidhlig a bhrosnachadh ann am prìomh bhaile na dùthcha.

Thòisich an fhèis mar phàirt de phlana Gàidhlig Oilthigh Dhun Èideann ach a-nis tha Comhairle a' bhaile cuideachd an sàs anns a' ghnothaich, 's comataidh na fèise ga faicinn mar thachartas a bheir bun-stèidh do bheatha Ghàidhlig a' bhaile.

Tha an aithris seo aig Niall Bartlett.