Robasdan ag iarraidh trì puingean

ICT is Obar Bhrothaig Image copyright SNS
Image caption Bha glè bheag eadar ICT is Obar Bhrothaig san Lùnastal le Inbhir Nis a' soirbheachadh 2-1 le tadhal anmoch sa gheama.

Thuirt manaidsear Chaley Thistle gu bheil an sgioba aige feumach air na trì puingean bhon gheama an aghaidh Obar Bhrothaig Disathairne.

Bha buille ann dha ICT an t-seachdain seo chaidh nuair a chaill iad 3-0 aig an taigh an aghaidh Dundee United.

Thuirt Iain Robasdan ge-tà, gu bheil e den bheachd nach robh cus idir eadar na sgiobaidhean is gun robh 3-0 gu math cruaidh air Inbhir Nis.

Tha Obar Bhrothaig air tòiseachadh fìor mhath bho thàinig iad suas dhan Championship as t-Samhradh.

Chan eil iad ach air ceithir tadhail deug a chall thuige seo, is ann am Bobby Linn tha cluicheadair cruthachail air leth aca.

Cha do chaill iad ach aon gheama thuige seo air a' phàirc ainmeil aca aig Gayfield, pàirc a tha cha mhòr sa Chuan a Tuath.

Gu dearbh, chan eil sgioba Dick Chaimbeuil ach trì puingean air deireadh air ICT a' dol a-steach dhan gheama Disathairne.

Spèis

Thuirt an Robasdanach gun seall Inbhir Nis làn-urram dha na Red Lichties, ach gur e trì puingean a tha e ag iarraidh.

"'S e àite doirbh a th' ann. Bidh daoine a' bruidhinn mun ghaoith ann an Obar Bhrothaig, ach mar as trice 's e pàirce fìor mhath a th' aca.

"Tha iad a' dol gu math ach tha sinn a' dol ann a' lorg trì puingean.

"Feumaidh sinn buannachadh. Tha sinn air a ràdh ris na balaich nach e buille bàis a th' ann a bhith a' call gheamaichean aig an ìre seo den t-seusan, ach feumaidh sinn na 's urrainn dhuinn de phuingean a chàrnadh gus cothrom a thoirt dhuinn aig deireadh an t-seusain," thuirt e.

Dh'innis an Robasdanach gu bheil tinneas dìobhairt air bualadh air an sguad aige an t-seachdain seo.

Thuirt e gun tèid measadh a dhèanamh air an t-suidheachadh Dihaoine, ach gu bheil e h-uile coltas ann gun caill cuid de na cluicheadairean aige an geama.