Adhartas ann an Deasbad nan Sgoiltean
- Air fhoillseachadh

Tha fios a-nise cò na sgiobaidhean a bhios a' farpais san iar-chuairt dheireannaich de Dheasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean.
Chaidh cuairtean tràth na farpais air adhart ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo.
Às dèidh dà là de dheasbad, 's iad Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis B, Acadamaidh Drochaid an Easbaig A, Sgoil Sir E Scott, agus Sgoil Lionacleit a rinn adhartas.
'S ann an Taigh-òsta MhicDhòmhnaill Holyrood ann an Dùn Èideann a bhios na h-iar-chuairtean deireannach Diciadain an 4mh den Dùbhlachd 2019.
Cuspairean
Bidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis B a' deasbad an aghaidh Sgoil Lionacleit air a' chuspair: "Tha innealan a leithid Fitbit feumail airson ar cumail fallain."
Bidh Acadamaidh Drochaid an Easbaig A an aghaidh Sgoil Sir E Scott air a' chuspair: "Tha e nas fheàrr a bhith a' leantainn na bhith air an toiseach."
Bidh a' chuairt dheireannach ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhche às dèidh sin, Diardaoin 5mh Dùbhlachd.
'S e "'S ann anns na bailtean-mòra a bhios na fìor choimhearsnachdan Gàidhlig ann am fichead bliadhna eile" a bhios air a dheasbad.
Mar as àbhaist, thèid a' chuairt dheireannach a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal.