"Feumaidh sinn a bhith beagan nas fheàrr" - County

Ross County Image copyright SNS
Image caption Tha Steafan Fearghasdan is Stiùbhart Kettlewell a' sùileachadh beagan a bharrachd bhon sgioba aca.

Thuirt co-mhanaidsear Ross County gum feum an sgioba a bhith rud beag nas fheàrr aig gach ceann den phàirc ma tha iad a' dol a bhuannachadh barrachd gheamaichean.

Ged a tha County san t-siathamh àite san lìog, chan eil iad air gin de na sia geamaichean mu dheireadh aca a bhuannachadh.

Thèid iad an aghaidh Obar Dheathain ann an Inbhir Pheofharain Disathairne.

"'S e dùbhlan a th' ann dhuinn gach seachdain," thuirt Steafan Fearghasdan.

Làn

"Tha sinn a' sabaid ge-tà, is tha sinn a' cumail ceann a' mhaide ri sgiobaidhean eile.

"Tha mi a' smaointinn gum feum sinn a bhith dìreach rud beag nas fheàrr aig a' chùl agus aig an aghaidh.

"Cuiridh sin sinn dhan ath-ìre," thuirt e.

Dh'innis County cuideachd gu bheil fìor ghlè bheag thiceadan air fhàgail 'son a' gheama Disathairne.