Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Samhain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuiltean

Chuir Roinn na h-Àrainneachd còig rabhaidean, le cunnart do bheatha, mu choinneimh thuiltean ann an ceann a tuath Shasainn. Rinn uisge trom an-dè is an-raoir maoimean-slèibhe agus bha rathaidhean 's loidhnichean-rèile fo uisge. Chaidh iarraidh air daoine ann am bailtean faisg air Doncaster an dachannan fhàgail agus chaidh èiginn a ghairm ann an Sheffield far an robh mòran de mheadhan a' bhaile fo thuil.

Taghadh

Tha an SNP a' cur iomairt an taghaidh aca air bhonn ann an Dùn Èideann an-dràsta fhèin le gealltanas gun cuir iad dìon air an NHS bho aontaidhean malairt le dùthchannan eile mar na Stàitean Aonaichte. Cuiridh an SNP bile gu Pàrlamaid Westminster 'son dèanamh cinnteach nach tèid an NHS a chleachdadh mar inneal barganachaidh ann an còmhraidhean malairt an dèidh Bhrexit.

Thuirt na Tòraidhean gun dèan iad nas fhasa e do dhotairean agus nursaichean bho air feadh an t-saoghail tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte an dèidh Bhrexit. Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Priti Patel, gum bi am plana a' tarraing sgilean eadar-nàiseanta a Bhreatainn gun a bhith a' fosgladh chrìochan dhan a h-uile duine.

Gheall na Làbaraich tuarastal 'son fòrladh màthaireil a leudachadh bho naoi mìosan gu bliadhna. Agus tha iad ag iarraidh air companaidhean mòra gabhail ri poileasaidhean a bheir barrachd spèis do chòraichean bhoireannach.

Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba a' foillseachadh na h-iomairt acasan an-diugh agus tha ceannard nan Lib-Deamach, Jo Swinson, ag iomairt ann am Fìobha.

Cobhair

Chaidh cobhair a dhèanamh sa Ghearmailt air mu 35 duine a bha glaicte an dèidh spreadhadh ann am mèinn. Thachair an spreadhadh tràth sa mhadainn aig mèinn faisg air baile Halle air taobh sear na Gearmailt.

Sgrùdadh

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeanne Freeman, gu bheil i a' feitheamh ri rannsachadh ùr air casaidean mu bhurraidheachd san NHS ann an Earra-Ghàidheal. Thuirt Rùnaire na Slàinte ann am Pàrlamaid na h-Alba an-dè gu bheil i air a bhith a' bruidhinn ri NHS na Gàidhealtachd mu na casaidean seo a tha a bharrachd air na casaidean às an tàinig rannsachadh Sturrock air NHS na Gàidhealtachd.

Am Posta Rìoghail

Tha am Posta Rìoghail a' dol dhan Àrd-Chùirt a dh'fheuchainn ri stad a chur air stailc ron Taghadh Choitcheann agus an Nollaig. Tha Royal Mail a' cur teagamh anns an dòigh anns an do chum an t-aonadh CWU baileat 'son stailce.