Sreas a' toirt buaidh mhòir air tuathanaich

Duine fo uallach sreas Image copyright Getty Images

'S e sreas, gu h-àraid ri linn uallaich ionmhais - fear de na rudan as motha a tha a' toirt buaidh air slàinte-inntinn thuathanach, a rèir sgrùdaidh ùir.

Rinn luchd-rannsachaidh à Oilthigh Raibeart Ghòrdain ann an Obar Dheathain agallamhan mu shlàinte-inntinn le còrr air 20 tuathanach ann an ceann a tuath na h-Alba.

Tha an oilthigh a-niste ag obair còmhla ri buidhnean sa ghnìomhachas feuch an cruthaich iad ro-innleachd ùr taice do dhaoine a tha ag obair ann an àiteachas.

"B' e sreas a bha aig bàrr na liosta," thuirt Stephanie Morrison, a tha an sàs sa phròiseact.

"Bha sin gu math follaiseach anns a' mhòr-chuid de na h-agallamhan a rinn sinn.

"Dòigh-beatha nan tuathanach, daoine a bhith ag obair a là 's a dh'oidhche, uallach an àiteachais san là a th' ann mar dhreuchd, uallach mòr a thaobh obair-pàipeir.

"Bha tuathanaich ag ràdh gu bheil a-niste tuisge nas fheàrr a' tighinn air slàinte-inntinne - ach gu bheil fhathast stiogma timcheall air.

"Mar sin tha feum air faighinn cuidhteas an stiogma sin, fosgladh suas agus còmhraidhean nas fhosgailte a bhith againn mun chuspair gu lèir," thuirt i.