Sealladh air togalach ùr Urras Oighreachd Ghabhsainn

Planaichean Image copyright Comhairle nan Eilean Siar

Fhuair feadhainn de mhuinntir sgìre Ghabhsainn ann an Leòdhas sealladh oidhche Ardaoin air na planaichean airson togalaich ùir do dh'Urras Oighreachd Ghabhsainn.

Thàinig iad cruinn aig coinneimh bhliadhnail an Urrais - a' chiad tè bho chaidh seann oifisean an Urrais a sgrios le teine san Fhaoilleach.

"Tha sinn gu math fada air adhart, thuirt Cathraiche an Urrais, Agnes Rennie.

"Chaidh dreach-dhealbh a thoirt air adhart, agus chaidh an ailtire a thoirt air, 's an fheadhainn a tha ag obair còmhla rithe - tha iad sin air chùmhnant againn a-nis.

An aon làrach

"'S tha sinn feadhair an dèidh iarrtas a chur a-steach airson cead-dealbhachaidh.

"Duine sam bith nach robh aig a' choinneimh 's aig a bheil ùidh faicinn dè seòrsa togalaich air a bheileas a' bruidhinn, chì iad na planaichean air làrach-lìn Comhairle nan Eilean Siar.

"Chì iad iad cuideachd ann an oifisean an Urrais ann an Dail bho Dheas.

"Bidh e feadhair air an aon làraich 's a bha an togalach eile.

"'S e an ìre mhath an aon mheud a bhios ann - bidh e rud beag nas motha.

"Bidh rùm ann airson an luchd-obrach - bidh 14 duine againn a dh'aithghearr ag obair - agus bidh cuideachd rùm ann far an urrainn dha làithean trèanaidh gus coinneamhan beaga a bhith air an cumail.

Diofraichte

"'S bha sinn gu mòr airson 's gum biodh rud den t-seòrsa sin ann, a ghabhadh a bhith air a chleachdadh ann an dòigh shùbailte far am b' urrainn dha buidhnean beaga agus buidhnean mòra a chleachdadh aig diofar amannan.

"Agus bidh cuideachd rùm ann airson biadh ullachadh 's mar sin, dhan fheadhainn a bhios ag obair ann.

"Mar sin dheth, a' coimhead ris an togalach bhon taobh a-muigh, bidh e a' coimhead rudeigin diofraichte.

"Ach a' coiseachd troimhe, tha mi a' creidsinn gur e an diofar as motha a bhios ann, nuair a thèidear a-steach ann an toiseach, gum bi rùm an ìre mhath mòr, fosgailte, ann an sin a ghabhas a bhith air a chleachdadh airson taisbeanaidhean agus coinneamhan, agus air an taobh eile bidh rùm gu math mòr, fosgailte, far am bi an luchd-obrach gu lèir ag obair," thuirt i.

Tha moladh a' nochdadh sa phlana cuideachd airson goireasan do bhanaichean-campachaidh a bhith an cois an togalaich ùir, ach thuirt a' Bh-Ph. Rennie gur e earrann eile den obair a bhiodh an sin.