Tagradh Chaisteil Chinn Locha ga dhiùltadh

Caisteal Chinn Locha Image copyright JOHN ALLAN/GEOGRAPH
Image caption Thogadh Caisteal Chinn Locha air Eilean Rùim ann an 1897.

Dhiùltadh tagradh bho chomann ghlèidhteachais gus sealbh a ghabhail air Caisteal Chinn Locha ann an Eilean Rùim.

Bha a' bhuidheann ghlèidhteachais Comann Charaidean a' Chaisteil airson taigh-tasgaidh agus B&B le chòrr is 50 leabaidh a chruthachadh ann.

Ach dhiùlt Dualchas Nàdair na h-Alba an tagradh aca.

A' mìneachadh nan co-dhùnaidhean aca, thuirt Dualchas Nàdair na h-Alba nach robh teagamh sam bith aca nach biodh maoineachadh gu leòr aig a' chomann gus an caisteal a ghlèidheadh.

Dh'aithnich Dualchas Nàdair na h-Alba gun robh an comann air obair chudromach a dhèanamh, agus thuig iad gum biodh an naidheachd na briseadh dùil do bhuill a' chomainn.

Thuirt iad gun robh iad cuideachd an dòchas gun leanadh còmhraidhean air adhart eadar iad fhèin agus an comann mu dhèidhinn a' chaisteil.

Image copyright WENDY BRADLEY/GEOGRAPH

"An dèidh dhuinn measadh a dhèanamh air an fhianais a thugadh seachad, cho-dhùin sinn nach robh neartan an tagraidh buileach air na h-ìrean a bha a dhìth oirnn a ruigsinn," thuirt Nick Halfhide, a tha na stiùiriche leasachaidh sheasmhaich aig Dualchas Nàdair na h-Alba.

"Rinn sinn cinnteach gun robh am pròiseas measaidh cothromach, agus thèid ar co-dhùnaidhean agus na pàipearan co-cheangailte ris fhoillseachadh air an làraich-lìn againn.

Strì

Thuirt Catrìona Duckworth bhon chomann ghlèidhteachais gun dèanadh iad ath-thagradh an aghaidh a' cho-dhùnaidh.

"'S dòcha gum bi againn ri slighe eile a leantainn a-nis. Chuir sinn fios gu Dualchas Nàdair na h-Alba gun lean sinn oirnn a' strì.

"Stèidhicheadh an comann againn gus an caisteal agus na tha na bhroinn an glèidheadh.

"Chan eil sinn airson an caisteal a ghlèidheadh dìreach air sgath 's gur e làrach eachdraidheil a th' ann.

"'Tha na tha an dàin don eilean air fad a' crochadh air."

Thogadh an caisteal ann an 1897, ach tha e air a bhith a' dol bhuaithe o chionn iomadh bliadhna.

Ghabh The Nature Conservancy, mar a bha air Dualchas Nàdair na h-Alba aig an àm, thairis an caisteal ann an 1957.

Cha do shoiribhich leotha cleachdadh seasmhach a lorg air a shon on uair sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo